SCOTLAND'S ÙR-SGEUL PROJECT

Bàrdachd Mhurchaidh Bhig
Tocasaid_cover111
Tocasaid 'Ain Tuirc, Donnchadh MacGilliosa
Clar, 2004.

The following is a short story from forthcoming collection Tocasaid 'Ain Tuirc in the in the Ur-Sgeul series. Publication date 17 May 2004.

Chuir e 'm baga sgoile air falach air cùl a' ghàrraidh agus ghabh e sìos mu na h iodhlainnean chon na ceàrdaich. Chan ann a' dol na leisgeul a tha mi, ach cha robh e furast' do Thormod a bhith air a chuingealachadh leis fhèin, nan nochdadh e idir, ann an rum a' mha' sgoile.

'S ge bith dè na cearban a bha air Morrison, bha Eirig ag ràdh gum b'fhiach e medal cho mòr ri greideal. Bhon, ma thachair an sgoil agus am ma'-sgoile ris an Tocasaid, gu dearbha thachair esan riuthasan, ged nach e sin fàth mo sgeòil an dràst.

Ach faighnich thusa dhìot fhèin ciamar a bha balach sam bith aig an robh leughadh is sgrìobhadh mus robh e càil ach trì bliadhna - ciamar a bha e dol a shuidhe ann an siud, hour after hour, air beulaibh Doileag a' Phluic. Ag obair le crayons mhòra thiugha 's air potaidh.

Cha robh e ann an clas Doileig ach bloigh de latha nuair a dh'aithnich e gu robh e ann an staing agus ann an ribe. Thug ise fa-near, thar a bioran fighe, gu robh Norman MacLeod One gu math an fhoiseil. Ri taobh Thormoid bha Norman MacLeod Two: Tormod Nell.

Co dhiù, bhruidhinn am ma'- sgoile ris an Tocasaid. 'Come out with me into the corridor'. Bha e sèimh ris a' bhalach. 'Now, Norman, you're homesick, but you can't just go home'.

Fhreagair Tormod sa Ghàidhlig, oir bha fios math aige gu robh làn a chinn dhith aig an fhear a bha druideadh a mhoileanan ri chèile ann an sin air a bheulaibh: 'Tha dùil aig Doileag a' Phluic...'

'Miss MacDonald,' ars Alasdair MacIlleMhoire. 'Tha dùil aig Miss MacDonald,' ars esan ri Tormod.

'Miss MacDonald thinks I should sit in my seat,' arsa Tormod. Bhoill, cha robh duine dhen chloinn aig an robh srutan de Bheurla mar siud, an uair ud, a' chiad mhadainn air Primary One.

Nise, odd to relate and poignant to recall, thugadh 'A' Phluic' no 'Pluic Mhòr' air athair Doileig an ìre mhath a' chiad latha a chaidh e fhèin dhan sgoil. Bha e ri taobh na huinneig - balach à taigh tughaidh gun ghèibheal - agus bha rudeigin de dh-iormaidh air, fad an latha, gun tuiteadh uinneagan mòra na sgoil' air, 's gun dèanadh iad mess dheth. Mar sin, chaith e a' chuid bu mhotha dhen mhadainn a' cleith an eagail, 's a' gaothadh aon phluic 's an uair sin an tèile.

'S e bu chòir dhuinn a chantainn ach 'Doileag na Pluic' agus 'Doileag na Pluic Mòire'. Ach 'Doileag a' Phluic' she had become, and has ever remained.

Ach chan e seo gu bheil mi 'g iarraidh...

Chaidh e steach a bhroinn na ceàrdaich, a bha dha na tèarmann is na bothaig fasgaidh. Bha e a' streap ri seachd bliadhna. Latha fuar a bha ann, agus bha 'n còthar shràbh is chalg a bha steigte ri lòs na h uinneig mar chomharr' is mar fhianais an dà chuid air arbhar agus droch thìd'.

'Bhoill, bhoill, a Thormoid,' arsa Murchadh Mòr, agus bhuail Towser earball, thall san oisean. Minimalist dha rìribh a bha ann an Towser a nis, ach latha dhe robh e, bhiodh e na dheann a mach ri clais. 'S na sheasamh geur shùileach air cnoc, ghabhadh e beachd air an t saoghal.

Seo a' mhadainn a thurchair Murchadh Beag Mhurchaidh a thighinn a steach a lìbhrigeadh a' phìos bàrdachd ud a bhios beò is maireann am measg an tsluaigh corra bhliadhna eile co dhiù. Tha bàrdachd Mhurchaidh Bhig sgrìobht' aig Dòmhnall Iain Dhòmhnaill Bhiastaidh, a h-uile leum is lide dhith. Nis, tha turchairt agus turchairt ann, agus bha Tormod Noraidh rathail, sealbhach gu ìre iongantach. 'S e a bha ann ach rud a thug e às a' bhroinn.

Seo an uair a thàinig Murchadh Beag Mhurchaidh a steach a leughadh bàrdachd a' gheamhraidh. Agus bha Tormod roimhe ann an sin, mar gu robh e 'n dàn, na shuidhe casa-gòbhlagain air stòl iarainn.

Cha tàinig duine a steach a' mhadainn ud le each cuagach, no a dh'òrdachadh tairsgeir ro earrach, 's cha tàinig boireannach a steach co dhiù - cha robh e ceadaichte dhaibh. Fiù 's do Cheitidh Ann, a bhean, air an robh e gràdhach.

Seo a' mhadainn a bha dealbht' a chaoidh tuilleadh air clàr inntinn, an triùir aca còmhla ann an siud fo phìoch na Tilley, 's an aimsir car fuar a muigh.

Duine beag righinn a bha ann am Murchadh Beag Mhurchaidh, agus rudeigin cluasach. Chan fhuilingeadh e fighe ach mu chlò gu leth san t seachdain. Bhiodh e falbh an dèidh chaorach, le bata, 's a' gabhail chuairtean a bha fada, chon nan lochan fad' às sin nach fhac' a' chuid mhòr de mhuinntir Nis, na h Eileabhatan agus na h Atrabhatan. 'S a mach gu Mùirneag. Le cù air an robh Flash. A bha feitheamh ris air taobh muigh doras na ceàrdaich, 's a shròin ag obair leatha fhèin, 's a' toirt na chuimhne gu làidir blas is fàileadh ìnean nan each.

Bhiodh Murchadh Mòr air beulaibh na ceàrdaich, a' cruidheadh. A thòn ri tòn mhòr an eich, 's e crom 's cas deiridh an eich aige eadar a dhà shliasaid. Bhiodh an gobha le sgian fhaobharach a' toirt caoban às iong' a' bheathaich.

Bhiodh na sgealban bàna sin a' sgèith mar sgealban de shnèap 's a' tuiteam gu talamh le clab. Bhiodh na coin gam feitheamh, 's bhiodh iad thuca sa bhad. Glè thric bhiodh cac is lèig steigte riutha, ach dè 'n diofar a bha sin. Fiù 's ceò an dathaidh, a bhiodh ag èirigh bho iong' an eich, agus crùidh dhearg, theth aig Murchadh Mòr ga fheuchainn oirre le clobh' beag goirid ' fiu 's sin ghiùlaineadh na coin.

Ceò thiugh, gheal, ghrànd' an tachdaidh, a bhiodh ag èirigh na biulbhanan 's a' dol sìos eadar mionach an eich 's an talamh, 's a' sgaoileadh os cionn na ceàrdaich, os cionn a mullaich dubh tearra, mus tanaicheadh i.

Ach bhiodh Flash agus Towser air am faiceall cuideachd. Nan toireadh iad glamhadh gu chèile, 's gum biodh an t sabaid ann... bha cuid dhe na h eich gu math sgèanach & bha agus Murchadh... Nan èireadh air, shadadh e 'n clobh' agus 's dòch an t-òrd - sealladh uabhasach - agus a shùilean a' lasradh na cheann.

Doras mòr na ceàrdaich air a tharraing fosgailt', agus diong, diong, diong aig òrd air innean. Grèim aig Murchadh air a' chrùidh theth le clobh' goirid, 's e ga dèanamh rèidh, còmhnard.

'S e ga feuchainn a rithist ri iong' an eich, 's a' sealltainn nuair a sgaoileadh a' cheò ach an robh làrach an dathaidh na chearcall slàn dubh air bonn na coise. Agus mura robh, bheireadh e slisneag no dhà eile aist' leis an sgithinn, agus suathadh no dhà oirre le rusp.

Theasaicheadh e a' chrùidh às ùr gus an robh an t iarann dearg, agus an uair sin cho geal 's gu faiceadh tu troimhe, agus na sradagan a' sgèith 's a' seòladh, agus diong, diong, diong a' toirt a' chruidh na bu chruime mu bhod innein: aon, dhà, trì, ceithir, aon, dhà, trì - obair chruaidh agus obair inigeil.

'S a' tarraigneachadh a' chruidh na àit' air cas an eich, 's leis an òrd an uair sin a' bualadh 's a' lùbadh sìos 's a' maoladh bàrr nan tarraingean, far na nochd iad air uachdar na h ionga, a null mu h oir.

'S na trì casan eile mar an ceudn', ma bha 'n t-each dòigheil.'
'Ràith,' arsa Murchadh ri Tormod, 's feumar crùidhean ùra.'
'Ciamar?' arsa Tormod.
'Tha gu bheil iong' an eich a' fàs, all the time.'
'Bheil?'
'Mà, tha mi 'n dùil. 'S bidh i air a cuingealachadh.'
'O...'

Timcheall na ceàrdaich bha a h-uile seòrsa seann rud a' dol fodh' ann am feur, 's an talamh a' feuchainn rin slugadh: bugaid de thractar Fordson air reothadh 's air meirgeadh far na stad e, agus crann le cuibhleachan mòr' iarainn thall faisg air. Einnsean làraidh na laighe leis fhèin air leac saimeant, 's an ola dhubh a bha air falbh às air a'ghlasach a ghànrachadh.

'S am measg an fheòir bha cuibhleachan nan laighe far na shadadh iad, is cuiseagan a' fàs eadar na spògan, agus deanntagan a' falach seann chliath agus seann gheat'. 'S air na h-innealan sin gu lèir bha a' mheirg ag ithe a steach dhan iarann, agus air èirigh na sgreaban is na builgeanan.

Am broinn na ceàrdaich bha cùisean a cheart cho math. Bha seann bhotail ann an doimhneachd nan uinneagan nach gabhadh glanadh gu sìorraidh, 's na bha orra de chlòimh liath a' cleith na bha nam broinn. Agus sgramag uaine suas air na lòsan.

Agus air Murchadh Mòr fhèin bha 'n t aparan leathair a bu shalaiche, a bu duibhe 's a bu duirche a chunnacas a riamh, aig an taigh no bhon taigh.

'Bhoill,' arsa Murchadh Mòr ri Murchadh Beag, 'tha cho math dhut tòiseachadh.' Agus shuidh e air stòl.

Bha 'n teallach na chraos is na chaoir ghorm lasrach thall gu chùlaibh.

Choisich Murchadh Beag sìos is suas air na lorgadh e de làr. Agus labhair e a' bhàrdachd a leanas, am measg na bha siud de threalaich. Eadar chuibhleachan is ùird is chlobhan, eadar chromanan is thairsgeirean is eile.

Bhruidhinn e na ghuth caol, cruaidh fhèin, agus seo a thubhairt e:

Geamhradh cruaidh gu robh againn am bliadhna,
geamhradh cho cruaidh ri gin a bha riamh ann,
geamhradh a sgiùrsas a mach às an tìr sa
an greimeire 's a' mheanbhchuileag mhìn bhreac,
ach a chumhainneas am breac anns an linne
agus fèarlagan snòtach air ùrlar glinne.

Langabhat reòthte bho cheann gu ceann,
reòtht' air a feadh cho teann ri teann,
a druimeannan garbha fo chuip na gaoith -
cha mhòr a tha ann de là gu 'n tuit an oidhch',
an t-suaile bhios a' slapraich a steach fo bhruthaich
a nis fo smachd na h aimsir coimhich.

O dheargaid tha 'g èaladh air mionach na geàrr,
aonaran sgèanach na fìor mhòintich àrd,
caill thusa do ghrèim 's tha do bheatha seachad,
cha sèam a' ghaoth tuath thu 's cha seachain,
thèid peirigill ort am priobadh na sùla
san fhàsach a muigh mu shàl Mùirneig.

An t seilcheag dhubh a thig a bhroinn na tobrach,
na laomainn a tholl dà gheansaidh math obrach,
giorra shaoghal grad orrasan uile,
orra fhèin 's na tha seo de sgràl chuileag,
's air na h uighean gun àireamh a rug iad 's a dh'fhàg iad
an iomadach, iomadach sgor is sgàinean.

'S lugh' ormsa co dhiù geamhradh sitigeach fliuch,
nach cuir grobadh air radan no fiù 's air luch,
cnatanan smuigeach, smugaid is sreothairt,
faileas a' chinn simileir ri fhaicinn san sglèat,
galair nan cearc a tha marbhtach, gabhaltach,
sgàird a' chruidh measg làraich an crodhanan.

Geamhradh cruaidh gu robh againn am bliadhna,
geamhradh cho cruaidh 's a bha aon uair a riamh ann,
a chaisgeas a' chnuimh mus fhàs i ro lìonmhor,
's a reothas 's a ragas a' bhratag 's a' bhiastag;
earrach ceothanach, samhradh breac riabhach,
's na àm fhèin, foghar geal grianach.

Thug an gobha am botal mòr sìos bho bàrr a' bhalla, rud tearc agus ainneamh, agus lorg e trì glainneachan a chuir feum air suathag le clobhd a bha uaireigin aig Ceitidh Ann na thubhailt shoithichean, agus lìon e iad le uisge beath'.

Agus seach gun dh'iarr iad sin air, thug Murchadh Beag ionnsaigh eile air a' bhàrdachd.

















© University of Wales, Aberystwyth 2002-2009       home  |  e-mail us  |  back to top
site by CHL